NACH bochd nach robh Coinneach Odhar beo an diugh. Chuireamaid feum air a bhuadhan mar fhiosaiche ‘san t-saoghal mi-chinnteach a th’ann.
Tha fhiosam nach eil dearbh chinnt mu dheidhinn fhein neo co as e. Tha cuid ag radha gum b’ann an Uige Leodhais a bha e beo anns an 17mh linn; cuid eile gum buineadh e do dh’Urraidh air taobh sear Rois ceud bliadhna na bu traithe; is cuid gun deach sgeulachdan mu dhithis aig an robh gibht na faidheadaireachd an ceann a cheile is am fagail air aon duine. Ach coma co aca, bha e fada na bu leirsinniche na duine dhe na ceannardan a th’againn an diugh.
Gun teagamh, thathar ag radha gun do thoisich ar trioblaidean le ceannardan nam bancaichean a’ cosg airgiod nach robh aca air rudan anns nach robh luach, is chan eil fhios am b’urrainn do Choinneach casg a chur air sin. Bha cuid dhen luchd-obrach aca fhein air na h-ard-cheannardan a chomhairleachadh gun robh iad air an t-slighe chearr is nach biodh ann ach dorainn air a’ cheann thall, ach cha b’e an taing a b’fhearr a fhuair iad neo idir eisdeachd.
Ach nan robh Sir Fred Goodwin air comhairle Choinnich iarraidh an deidh dha an RBS a chur dhan bhoglaich, is neonach nach robh e air radha ris gun coisinneadh e grainn a’ mhor-shluaigh mur a seachnadh e cuid dhen pheinnsean neo-chumadail aige. Is chan iarradh e cus faisneachd son innse gum biodh cuid cho feargach is gun tugadh iad ionnsaigh air an taigh aige.
Bhiodh feill gu leoir air talantan Choinnich. Bhiodh Mr Brown, ar priomhaire, an sas anns ‘sa bhad son fhasdadh mar chomhairliche is na comhairlichean a bh’aige air a bhogadh san eabar cho tric. A’ chiad riut a chanadh Coinneach ris na ministearan is ris na comhairlichean eile ‘se gun fios neo beachd a bha iad son a chumail diomhair a chur air fios-dealain far am bheil ioma doigh air faighinn ga ionnsaigh.
Is neonach cuideachd nach innseadh e do cheannardan nam partaidhean gum bheil an sluagh a’ fas gu math searbh de bhuill-parlamaid a bhios a’ gealltainn obrachadh comhla son ar faighinn amach as an staing sam bheil sinn, is an ath mhionaid tha iad aig ugannan a cheile a’ fiachainn ri lamh-an-uachdar fhaighinn dhan phartaidh aca fhein.
Caite eile am biodh obair do Choinneach? Shaoilinn gur ann far am bheil seirbhisean polais is seirbhisean dion na duthcha a’ co-obrachadh a bhiodh cruaidh fheum air a ghliocas. Mar a tha cuisean an drasda tha an cunnart ann gum bheil teagamh is amharas a’ fosgladh bearn eadar na seirbhisean sin is cuid de shluagh na duthcha.
Chan eil teagamh ann nach e gnothach farasda a th’ann dhan pholais smachd a chumail air sluagh mor a’ cruinneachadh ann am baile son am beachdan fhoillseachadh. Ach feumar cuimhneachadh gur e pairt laghail dhe ar coirichean is ar saorsa a th’ann an taisbeanadh sitheil. Bho chuid dhe na dealbhan a chunna sinn bho chionn ghoirid bha e gle choltach gur e cuid dhe na polais a bha a’ togail aimhreit is a’ cleachdadh lamhachas-laidir far nach robh feum air.
Cuideachd, chan eil teagamh nach eil sinn an cunnart bho eucoirich a tha deonach gu leoir cur as dhaibh fhein fhad’s a ni iad sgrios ameasg dhaoine a tha iad a’ faicinn mar naimhdean aig an aon am. Cha mhotha a tha teagamh gum bheil daoine dhen t-seorsa sin doirbh am faithneachadh.
Ach de a’ bhuaidh a tha gu bhith aige air a’ cheann thall ma chuireas na polais is na seirbhhisean dion dusan duine an greim is tomhas de dh’amharas aca orra, ach an uairsin is fheudar an leigeal as a chionn’s nach eil dad de dhearbhadh aca nan aghaidh a sheasadh an cuirt lagha?
A Pakistan a bha aon-deug dhiubh agus is docha gun teid an tilleadh a sin. Ach am bheil e ceadaichte an tilleadh direach air amharas, gu h-araid a chionn’s gun robh cead aca a bhith an seo mar oileanaich? Ga b’e de an co-dhunadh a bhios ann chan urrainn nach fhosgail e sgaraidhean ameasg dhaoine. Bidh moran Bhreatannaich de shliochd Phakistani a’ faireachadh gum bheil iad fo amharas ged a tha iad neo-chiontach.
Mar a thuirt mi, a Choinnich, cha chuireamaid droch fheum air fear do bhuadhan an drasda. Agus a chionn’s gum b’e Gaidheal thu, coma a Uige neo taobh sear Rois, is docha gun ceannsaicheadh tu am mafia beag an aghaidh Gaidhlig an Gallaibh is Inbhirnis.