Bille le buaireadh bille gun stà

By Angus Macdonald

Published: 27/06/2009

SEO sinn a-rithist le Bille Croitearachd, agus na croitearan an àirde na teasaich a chionns g’eil iad a’ deanamh a-mach g’eil am Bille dol a dheanamh call. Tha grunn nithean mu dheidhinn a’ Bhille nach eil a’ cordadh riutha. A’s a cheud àite, tha clàr do chroitean dol dha dheasachadh. ’S e rud math a tha seo a chionns gun cuir e mach na crìochan aig na croitean gu leir, ach ’s e rud gur e na croitearan a dh’fheumas pàigheadh air a shon. ’S tocha nach eil £250 a’ coimhead tòrr, ach mu tha deasbud sam bith gu bhith ann mu na crìochan, feumaidh tu dhol a Chùirt an Fhearainn, feumaidh tu fir-lagha agus eolaichean eile fhasdadh agus dh’fhaodadh e cosg fortan dhuit. Gu dearbha tha cuid ann a’ cumail a-mach g’eil uachdarain a’ deasachadh tagraidhean an aghaidh croitearan a bhith ceannachd na croitean, le bhith cuir ceist a’s na crìochan iad fhein. Tha fios aca deamhnaidh math g’eil am pocaidean fhein tòrr nas doimhne na feadhainn nan croitearan ’n uair a thig e gu fasdadh fir-lagha.

Tha na croitearan a’ foighneachd carson nach deach na crìochan an clàradh bho chionn fhada, agus an Coimision air a bhith deanamh co-dhunaidhean air croitean bho chionn còrr math is leth-cheud bliadhna? Ciomar a b’urrain dhaibh co-dhunaidhean a dheanamh as aonais nan crìochan, agus a’ seas na co-dhunaidhean sin mu theid ceist a chuir annta? Carson a dh’fheumas na croitearan pàigheadh airson easbhuidhean a Riaghaltais? Agus ’s e rud eile, tha na croitearan air a bhith faighinn taicean airgid bho chionn bhliadhnaichean air bonn paipearan IACS. Tha’d sin a clàradh crìochan gach croit a chionns g’eil am pàigheadh air a bhunntachadh air meud an fhearainn. Ach tha coltach nach gabh sin a chleachdadh airson a chlàr ùr a tha seo. Carson? An e fear do mhagaidean Sir Humphrey a tha seo, no a bheil a Riaghaltas a dh’aon ghnothaich a’ feuchainn ri cùisean a dheanamh cho duilich agus cosgail do chroitearan ’s is urrain dhaibh?

Tha dragh mòr ann cuideachd mu dheidhinn na riaghailtean a thaobh tigheadais. Tha seo a’ ciallachadh gu feum thu bhith furachd a’s an tigh-croite agus ag obrachadh an fhearainn co dhiùbh 183 làithean sa bhliadhna. Tha cumhachdan gu bhith aig ughdarrais ionadail a thighinn a’ rannsachadh an tighe, agus iarraidh air oifigear polais briseadh a-steach ann mu tha’d a coimhead sin iomchuidh airson a rannsachadh a dheanamh. ’S e Padruig Sellar a bhiodh na bhoil nam biodh e beoth an diugh. Tha Riaghaltas cuideachd a’ cuir luach airgid air còir air a’ chroit, agus tha’d ag radha g’eil iad air a bhith bruidhinn ri grunn bhancaichean mu bhith toirt seachad iosad air bonn a chòir a tha sin. Ach gu h-iongantach chan innis iad cò na bancaichean ris a bheil iad air a bhith bruidhinn, no gu dearbha na dh’aontaich gin aca seo a ghabhail os laimh. Chan e sin a mhàin, ach tha’d a’ bruidhinn air cuir as do ghrant nan tighean, agus an àite sin, iosad roinn-luach a dheanamh dheth. Bhiodh a Riaghaltas a’ cuir airgiod ri togail an tighe, agus bhiodh san croitear, gus nach biodh agad ris an talamh a thoirt a-mach a croitearachd airson iosad abhaisteach fhaighinn. Ach bhiodh pàirt dhan an tigh leis a Riaghaltas am feasd mar a ceannaicheadh an croitear a-mach iad. Tha taicean airgid croitearachd san fharsuingeachd a’ tòiseachadh a’ coimhead cugallach, agus as aonais na taicean airgid, chan fhiach croitearachd a bhith ris.

Ach tha rud ann a tha nas bunaitaiche na sin. Tha e gle mhath a bhith ’g ìneadaireachd a-measg nithean croitearachd mar seo, agus a h-uile coltas gur ann a’ feuchainn ri cuir as dheth a tha Riaghaltas, ach de mu dheidhinn a’ cheist mhòr? Cha dean croitearachd a chùis as aonais cosnaidhean eile, mar a’ nochd an eagal a tha muinntir nan eun a gabhail mu theid cosnaidhean na rocaidean a chall an Uibhist. Cò tha dol a dheanamh cinnteach g’eil cosnaidhean ceart gu bhith ri faighinn ann a sgìrean iomallach, airson daoine chumail ann a sin a bhios a’ deanamh obair croite? Tha e mar gum biodh a Riaghaltas ag iarraidh a h-uile càil math a tha croitearachd a’ toirt dhaibh, ach chaneil iad ag iarraidh taic gu leor a thoirt do chroitearan fhein airson gu faigh iad air furachd a’s na sgìrean iomallach airson an obair a dheanamh. Cò ’s urrain ciall a dheanamh dha na sin?

Reader's Comments

The Press and Journal is happy to encourage discussion and debate on the topics featured within our newspaper and on our website.

However, we would urge people to respect the opinions of others even if they do not agree with them. We will not tolerate abusive comments of any type and such posts will be removed with the people responsible facing a ban from this website.

Only registered users can supply comments, and your registered name and location will automatically be appended to any comment that you upload.

We reserve the right to remove comments from anyone using a false name or pseudonym.

To post a comment, please login using the form at the top of the page, or click to register.