BITHIDH mi tric a’ smaoineachadh de dheanadh na seòid dha robh mi toirt urram agus mi fàs suas dha na nithean tha sinn a’ coimhead mun cuairt oirnn an diugh. ’Se daoine bh’annta bh’air a thighinn troimh nan Dara Cogadh, bha cuid aca air a bhith a’s na h-aon shoithichean còmhla – ’s e duine ainneamh a dh’aithnichinn a bh’air a bhith a’s an airm, agus bha’n fheadhainn a bha’s an RAF nas tearc builleach. Ach nach robh e àraid, do dhaoine bh’air a bhith air feadh an t-saoghail, gun d’thainig iad air ais gu Eilean Beag Donn a’ Chuain? Leig m’athair fhìn a-mach latha, mar a fhuair e tairgse bho fhear ann a Sydney, e furachd còmhla ris mar mhanaidsear air an tuath chaorach a bh’aige. Bha’d thall a’ deasachadh airson cogadh nas leodha thòiseachadh an aghaidh Iapan, dìreach mas deach na bomaichean a leagail air Hiroshima agus Nagasaki, agus bha cuid aca air aoigheachd aig muinntir Sydney. Agus dh’fhàg e sin agus thainig e air ais airson coimhead as deidh craiteachan beag do chaoraich, an àite na milltean a dh’fhaodadh a bhith aige bho smachd ann an Astralia. Tha mi smaoineachadh gu robh rud eigin aig a ghaol ri dheanamh ris, agus mar a bitheadh cha bhithinn-sa seo an drasda.
Bha raointean ionaltraidh aig muinntir a Rudha air mointeach Bharbhais. Bha pìosan dha na mhointeach air a roinn a-mach do gach baile. Ach gu h-iongantach, bha na caoraich againne air pàirt dha na mhointeach far a robh muinntir Phabuil Iarach, agus bhiodh sinn a’ cruinneachadh nan caorach gu Faing nam Beannaibh. Bha’n fhaing fhein mu mhìle no dà mhìle bho cheann Steòrnabhaigh do rathad a’ Phentland. ’S e obair chruaidh a bh’ann a’ tòiseachadh mas briseadh a latha a’ deanamh ar slìghe mach gun a’ mhointeach ann a bhan Bhogey. Bhiodh e air balaich Phabuill a thogail an toiseach, agus dheadh e mach le cuid aca gu rathad Bharabhais an toiseach, a chionns gur ann acasan a bha’n t-slìghe bh’fhaide ri choiseachd. Leigeadh e sinn as an uairsin aig Àiridh na Bèist, direach air taobh a-muigh Loch Airidh na Lic. Bheireadh sinn an uairsin gu tìde diathad a’ coiseachd sa trusadh, uaireanan cho fad a-mach ri Beinn Chailein, a-reir de mar a bh’air soirbheachadh le balaich Phabuil.
Agus bha e annasach cuideachd gur e ‘balaich’ Phabuil a bhiodh aig ginealach mo pharantan orra, fiughs ged a bha mi fhìn dhan coimhead cha mhòr nam bodaich – nach ann orm a bha’n aghaidh, agus bho shealladh mo bhliadhnaichean fhìn a-nise, nach mi bha aineolach. Ach cha robh duin’ aca aig nach robh sgeulachd, no nach gabhadh sgeulachdan inntinneach innse mun deidhinn. Bu chaomh leam Billy na Spàig agus Pords gu h-àraid, ged is ann bho na Bhac a bha Pords. Bha Billy sèimh, socair, ach bha e eighinn, ag amharc gun cus a radha, gun tigeadh breth gheur a bheireadh gàire air na bha lathair. Bha Pords uair eigin math air ball-coise, agus bha e na chuideachadh mòr dha’m athair leis a bheart. Dh’innis e dhomh turus mar a shàr e as le bheatha agus an t-soitheach aca dol fodha. Bha a deanamh air na lifeboats nuair a dh’iarr cuid eigin air sgian a bh’air lanyard mu amhaich. Thug e dha i gun smuain agus thòisich iad a leagal an eathar a’s a robh e fhein agus grunn eile sìos cliathaich an t-soithich. Chaidh i sàs, Bha fear dhan d’thug e sgian fhathast air bòrd agus gheàrr e sin na ropaichean, agus thug a sruth sìos ris an t-soitheach iad agus air falbh a-mach mu deireadh. Agus sin nuair a bhuail an darna torpedo innte, agus chaidh i fodha.
Bha Zuc caol, ach làidir, ruighinn, agus choisicheadh e mhointeach bho mhoch gu dubh. Bha te mhath aig Bill Chalum an t-Siaraich. Bha e cluiche uair eigin ann a sgiobadh ball-coise an t-soithich cogaidh as a robh e, còmhla ri fear a bha cluiche do dh’Arsenal, agus mar a bhiodh e fhèin a cumail a-mach, clann na h-uaislean. Fhuair esain na measg le cuir air a’ phaipear gur ann am ‘Bayble Public School’ a fhuair e fhoghluim. Bha do mhisneachd aige agus gum bu chaomh leam faicinn a fear a ghabhadh air seasamh ris. Bha feadhainn eile ann cuideachd, ach thòisich coin tìm a’ trusadh a linn, shèid gaoth a sgathaidh, agus dh’fhalbh iad, ach dh’fhàg iad cuimhne chùbhraidh as an deidh.