Saoghal mi-chinnteach agus priomhaire sgith

Published:

EIL fhios ciamar a tha Gordon Brown, ar priomhaire coir, a’ faireachadh madainn an diugh? Caran sgith, chanainn, a reir a choltas air telebhisein corr uair feadh na seachdain a dh’fhalbh, ach am bheil sin ‘na ioghnadh. Is fhada o’n dh’fhuiling priomhaire Breatannach am fras de bhuillean a thainig mu cheann ann an uine ghoirid.

Bha cuid dhiubh ris an robh duil gun teagamh, ged a bha dochas air choireigin ann nach biodh iad buileach cho cruaidh ‘s a bha iad. Is neonach gun robh moran ‘sa phartaidh Laborach, ma bha iad idir ann, a bha a’ creidsinn nach biodh taghaidhean ionadail Shasainn ‘ na chall orra. Ach is neonach cuideachd gun robh moran dhiubh a’ creidsinn gum biodh an call buileach cho mor ‘s a bha e.

Tha e doirbh tomhas cothromach a dheanamh air suidheachadh far am bheil partaidh an riaghaltais ga sguabadh amach a cumhachd anns a’ mhor-chuid dhe na h-ughdarrasan ionadail. Ach b’e seo an call bu mhiosa a thainig air na Laboraich anns an t-seagh sin son tri fichead bliadhna, bha cuid a’ meas. Bha e cho dona, gu dearbh, is nach robh de sgoinn ann an luchd-labhairt an riaghaltais a ghabhadh an leisgeul a tha cumanta nuair a theid partaidhean, coma co iad, a ghlacadh mar seo - cuimhnich nach eil sinn ach letheach slighe troimh ar treas riaghaltas, is tha an sluagh daonnan a’ tionndadh air partaidh aig an ire seo.

Cha b’fhearrde an gnothach idir an stri a bha air nochdadh ameasg nan Laborach direach seachdain neo dha roimh’n taghadh ionadail mu chur as dhan sreath cise 10sg ‘san not, rud a bha bagairt airgiod a thoirt a sporan nam bochd son a chur am pocaid nam beartach. B’fheudar dhan phriomhaire car-a-muiltein a dheanamh is aideachadh gu follaiseach air telebhisein gun robh e air mearachd a dheanamh, rud a chuir droch thulg ‘na chliu mar an seansalair a b’fhearr a bh’aig an duthaich fad ioma bliadhna.

Neor-thaing nach eil e onarach do luchd-phoilitics aideachadh nach eil iad ach mar an corr dhen chinne-daonna is gum bheil iad cearr bho am gu am, ach tha eagal orm nach coisinn mearachdan bhotaichean sam bith dhaibh. Agus an drasda tha eagal orm gum bheil cliu a’ phriomhaire mar dhuine mi-chinnteach a tha buailteach do mhearachdan air lamh-an-uachdar a ghabhail air a chliu mar dhuine comasach a stiuir eaconomaidh na duthcha gu sgileil fad deich bliadhna.

Nach iongantach mar a dh’atharraicheas cuisean ann an uine gle ghoirid. Nuair a ghabh Brown strian an riaghaltais thairis bho Blair cha mhor nach cluinneadh tu am mor-shluagh a’ leigeil osna faothachaidh, coma gu ire de am partaidh dha’m boineadh iad. Is docha gun robh an ceannard ur caran dur, gruamach ‘na choltas ach de b’fhiach sin fhad’s a bha e adhartach is comasach. Is co-dhiubh bha daoine air fas caran sgith dhen phlineas gaire gun lasachadh air bilean Blair, is na geallaidhean gun lasachadh gun eisdeadh e ri beachdan an t-sluaigh, ged nach robh a ghniomhan a’ dearbhadh sin.

Ach cha do mhair am blaths ri Brown uamhasach fada. Thoisich e ri fuarachadh nuair a nochd a’ cheist an robh e dol a chumail taghadh-parlamaid son taic pearsanta fhaighinn bho’n mhor-shluagh gus nach robh. Air a’ cheann thall cha robh, ach dh’fhag e an sluagh fad sheachdainean ann an teagamh mun ghnothach, agus is lugha air daoine a bhith air am fagail ann am mi-chinnt air sgath’s nach eil neach eile - fiu’s priomhaire - deonach tighinn gu co-dhunadh.

A rithist, tha Brown air aideachadh le suil air ais gur e a choire fhein a bha sin, gun robh coir aige a bhith air casg a chur air bruidheann mu thaghadh-parlamaid fada na bu sgiobalta. Ach, mar a thuirt mi, chan eil ag aideachadh do chus mhearachdan dualach a chliu a thogail am beachd a’ mhor-shluaigh.

Son a’ chorr bha trioblaidean Northern Rock ann, is bancaichean anns na Staitean ‘gam faighinn fhein ann an staing le iasadan ro mhor a thoirt do dhaoine son taighean nach b’fhiach a’ phris. Ach tha e doirbh Brown a chronachadh son sin. Mar a thuirt priomhaire eile, Arailt MacMhaoilein, tha ceannardan poiliticeach buailteach tighinn fo bhuaidh thachartasan air nach eil smachd sam bith aca. Co aige a tha fios nach ann mar seorsa de thachartas a tha Brown a’ coimhead air Wendy Alexander, ceannard Laboraich Alba, is e follaiseach air an t-seachdain seo nach eil an dithis aca air an aon ramh mu referendum mu riaghladh Alba, ged a tha an dithis aca ag radha gum bheil.

Mar a thuirt mi, chan ioghnadh gum biodh Brown a’ coimhead caran sgith. Chan eil a cheannardas an cunnart an drasda ach feumaidh e smachd is treoir a thoirt dhan riaghaltas gu math sgiobalta Tha da bhliadhna aige fhathast roimh’n ath thaghadh.



Readers' Comments

No comments have been posted on this story yet
To post a comment, please login using the form at the top of the page, or click to register.
Current Vacancies