A toirt tàlantan an oigridh gu buil
Published:
’S e samhradh math a th’air a bhith ann airson ball-coise air an telebhisean. Tha Euro 2008 air a bhith dìreach math dha rireabh, ged a tha mi fhìn duilich nach d’fhuair an Olaint air deanamh beagan nas fhèarr. Shaoil mi gu robh a’ chluiche aca math dha rìreabh – gu na rinn na Ruisianaich a chuis orra. Aon dha na rudan a chòrd rium ’s e cho math sa bha luchd-dion aca air seasamh aig cluicheadaran na sgiobaidh eile agus am bàlla fhaighinn. Co dhìubh bha geamanan math, agus sgiobaidhean mhath eile ann, agus gu dearbha rinn fiughs na Gearmailtich fhein math an aghaidh Portugal, le cluiche bha luath agus tarruingeach. Bha e inntinneach coimhead cuideachd sgiobaidhean coltach ris a’ mhuir, a’ lionadh sa trathadh, agus gun cus ceangal a bhith agad ri gin aca a chionns nach b’e Alba bh’annta, agus gun eagal gun cailleadh gin aca. Bha grunn aca a dùthchanan a’s nach eil càil a bharrachd do shluagh na th’ann an Alba, ach mo chreach an eadar-dhealachadh a bh’eadar a chluich aca agus a rud ris a bheil sinne cleachdta. Chaneil e’g iarraidh ach oideachadh ceart agus dh’fhaodadh sin atharrachadh gu math luath. Ach gu mi-fhortanach tha daoine os ceann ball-coise an Alba a mharbhadh a’ ghrian nan deadh a cuir bho’n curam. Cha do rinn iad fhein cail a riamh ann am ball-còise agus cha leig iad do chàch a dheanamh a bharrachd. Càit a bheil sinn a dol a dh’fhaighinn cluicheadaran a thogas do chridhe mar na cluicheadaran aig a Spain, Portugal, Ruisia, agus Croatia? Chaneil rian nach eil iad ann, ach tha cuid eigin dha mothchadh mas fhaigh iad air an tàlantan fhoillseachadh.
Ghabhadh e dheanamh, tha mi cinnteach as, oir chunnaic mi rud eigin an t-seachduinn sa a thaobh daoin’ og a thug misneachd mòr dhomh. Bha clann a Acadamaidh Bhaile Thearlaich an Inbhirnis a’ deanamh an deilbh-ciuil ‘Ard-fhiosaiche Oz’ aig talla-cluiche Eden Court an Inbhirnis. Tha cliù na sgoile sa air sgaoileadh gu ìre nise agus gun lion iad an talla-cluiche dà oidhche as deidh a cheile. Sin 1,700 duine agus abair gu robh ceol ann. Bha e cho math agus gu robh thu dì-chuimhneachadh gur ann air àrd-ùrlar a bha seo a dol air adhart, agus bha e cho falasach ’s gu saoileadh tu gu robh thu dha choimhead air telebhisean. Ach se rud mu dheidhinn seo nach do thachair e leis fhèin. Bha e ciallachadh stìuireadh math agus obair mhòr bho luchd-teagaisg, obair mhòr bho na h-òganaich a bha sàs ann, obair mhòr bho na parantan, màthraichean sa mhòr-chuid a bha fuigheal an aodaich agus a cumail taic riutha, agus na h-uighir a sgil agus ealantas as a chlann fhèin. Ach se rud cha bhiodh duine air na sgillean a tha sin fhaicinn, mar a b’e taisbeanadh a luchd-teagaisg a thug sin asta. Bha leth-ceud dha na h-òganaich air an àrd-ùrlar mu na robh barrachd, agus feadhainn dha na sin nach canadh tu chaoidh aig a robh uidh air thalamh ann an obair na sgoile. Ach nochd iad gu faigh iad air pàirt a ghabhail ann an dealbh-cìuil a thug toileachas do cheudan.
Nise càit a bheil na daoine bu chòir a bhith deanamh samhuil an obair sin leis a’ chlann a dh’fhaodadh a bhith toirt toileachas dhaibh fein agus do chàch a thaobh ball-coise? Tha co dhìubh dithis dha na balaich a bha comhla ris a bhalach is sine againn fhìn as a sgoil air a dhol gu na sgiobaidhean mor a th’air a’ Ghaidhealtachd. Nise mu bha coltas gu robh a sgil annta, de’s coireach nach robh duin’ ann a bheireadh a sgil sin gu buil? Feumaidh mi radha g’eil cuid dha na daoine bha dhan ionnsachadh brùideil ain-eolach, agus cha bhuineadh duine aca do Nis no Uig. Agus stocha gur e sin freagart na cùis. Tha sinn a fàgail nam balaich òg a tha sin ann a lamhan dhaoine aig nach eil spùt de tha’d a deanamh. Seall sin an coimeas ri na sgiobaidhean tàlantach tha nochdadh thall thairis agus tha e soilleir g’eil sinne deanamh rud eigin tha fada cèarr. Tha Alba tòiseachadh a’ feuchainn a rithist a staobhar ri faighinn troimhe gu cuairtean deireannach Cupa na Cruinne. Leanaidh luchd-taic iad lan dòchais agus fios aca gu faodadh cùisean a bhith tòrr na b’fhèarr nan gabhadh cuir as dha na h-amadain a tha ruith a’ gheam.












Readers' Comments