Na meirlich daonnan ceum air thoiseach

Published:

“THIG tri nithean gun iarraidh - an t-eagal, an t-eudach ‘s an gaol,” tha an t-oran ag radha, is chan eil mise a’ dol as aicheadh sin. Se oran alainn a th’ann, ann am briathran soilleir a tha ag innse gun do dh’fhuiling an te a rinn e na tri dhiubh.

Ach gu mi-fhortanach thig moran rudan eile gun iarraidh cuideachd, agus is e fear dhiubh meirle. Tha eagal orm nach eil teicneolas an latha’n diugh ag cuideachadh ghnothaichean. Cho luath ‘s a theid innleachd ur a lorg son casg a chur air na meirlich tha na meirlich gu sgiobalta a’ lorg doigh air faighinn thairis air.

Chan eil de sgoil agam-sa a chanas co a’ chiad meirleach a bha air an t-saoghal ach is neonach mur a b’ann gle thrath an eachdraidh na cruinne a nochd e. Ga brith cuin a bha sin chan eil teagamh sam bith nach eil iad air fas lionmhor o’n uair sin, direach mar a tha aireamh nan daoine air a bhith meudachadh.

Uaireannan bha iad doirbh an glacadh is uaireannan nach robh, is gle thric bha iad a’ siubhal na duthcha le ainm neo dha ‘nan cois. Gabh Mr Steinns air an robh Thomas mar chiad ainm. Neo an e Mr Johnson a bh’ann air an robh George mar chiad ainm? Cha robh polais Chataibh buileach cinnteach nuair a chuir iad an greim e ann an 1908, ach - ar beannachdan aca - chaidh aca air a ghlacadh co-dhiubh, ged a thug iad tri seachdainean air a thoir.

(Faodaidh sinn a bhith cinnteach co-dhiubh nach b’e Gaidheal a bh’ann, neo b’e Tomas neo Seoras a bhiodh e a’ cleachdadh mar chiad ainm. Chan eil mi idir ag radha nach fhaod Gaidheil a bhith a cheart cho cealgach ri cinnich sam bith eile, ach bha na polais gu math cinnteach gum b’ann a Lancashire a bha e.)

Co-dhiubh, de rinn an trusdair ioma-ainmeach seo? Uill, chaidh e astaigh do thaigh ann an Goillspidh le meirle na bheachd. Droch chleas a th’ann a dhol astaigh gu taigh cuideigin eile le meirle ‘nad bheachd, ach tha e buileach gorach a dhol astaigh do thaigh baillidh Diuc Chataibh anns na Ruigheannan. Tha e coltach gun deach Thomas/George a ghlacadh astaigh mus d’fhuair e dad a thoirt leis, ach an deidh spairn chruaidh ris an fheadhainn a ghlac e fhuair e ma sgaoil is thug e am monadh air.

Chaidh fios a chur dha na polais is thug na polais feairt air an fhiosrachadh a fhuair iad. (Uill, nan robh thusa ‘nad pholasman aig an am is baillidh an Diuc ag iarraidh ort rud-eigin a dheanamh, nach tugadh tusa feairt cuideachd?)

Ach a dh’aindeoin dicheall nam balach anns an deise ghorm chaidh tri seachdainean seachad mus d’fhuaras lorg air T/G. Nuairsin, mu thri uairean sa mhadainn Di-luain, thainig gnogadh aig doras a’ chonstabal Wills ann an Goillspidh bho chuideigin le fios gun deach T/G fhaicinn ann an leithid seo a dh’aite.

Amach a ghabh Wills coir le cu is lorg an dithis aca am meirleach is e na chruban ann an allt a’ fiachainn ri falach fo uisge an t-sruth. Tha fhiosam nach eil uisge uamhasach math son daoine fhalach ach is neonach nach b’ann a’ fiachainn ri sron a’ choin a mhealladh a bha T/G aig an ire seo.

Ciamar a thainig e beo air monaidhean is mointichean Ghoillspidh fad tri seachdainean chan aithne dhomh, ach a reir a’ phaipeir anns na leugh mi an naidheachd thuirt e gum b’e an t’aobhar a dh’fhan e anns a’ choimhearsnachd seach fiachainn ri teicheadh mu dheas, gun robh eagal air bho’n chearceall cruaidh a bh’aig na polais mu thimcheall an aite is iad cho dian air a thoir.

Tha na polais a’ cleachdadh coin fhathast air ioma aobhar is carson nach biodh. Creutairean feumail, dileas a th’anns a’ mhor-chuid dhiubh ged a tha corra ghne anns nach cuirinn cus earbsa. Ach - nas lugha na tha mi fada, fada cearr - tha rudan ann cuideachd nach eil ‘nan comas. Teicneolas ur an eadar-lion, mar eisimpleir?

Agus sin far am bheil moran de mheirle an latha’n diugh a’ dol air adhart. Tha sinn air rabhadh is rabhadh fhaighinn a bhith faiceallach ciamar a chleachdas sinn e, is gu h-araid gun fios a thoirt seachad mu chuisean airgid. Ach air cho faiceallach ‘s gum bi sinn, tha doighean aig meirlich ura an teicneolais air ar n-ainmean a chleachdadh gun tachairt rinn.

Chuir e ioghnadh uamhasach orm an latha roimhe - nuair a fhuair mi cunntas bho bhanca - gun robh mi air ballrachd a ghabhail ann an club golf anns na Staitean son corr is da cheud dolair. Mise, nach do chluich golf riamh is nach robh anns na Staitean riamh! Tha feum againn air iomadach conastabal Wills, tha eagal orm.



Readers' Comments

No comments have been posted on this story yet
To post a comment, please login using the form at the top of the page, or click to register.