Tha dualchas na mara laidir fhathast againn
Published:
BHA mi an Ullabul a’ bhon-de son “failte gu fearann” a chur air mo mhac, Niall Iain, is e air tighinn a Steornabhagh leis fhein ann am geola 29-troigh a dh’fhaid gun de chumhachd aige ach da ramh is neart nan gairdean. Le gaoth an iar ga chuideachadh rinn e an t-astar - 43 mile - ann am beagan is 25 uair a thide is chaidh aige air corr is £4,000 a thogail son buidhnean-carthannais.
Bha e gu math claoidhte le sgios nuair a rainig e beul Loch Braoin is bha na leois air a bhoisean a’ sileadh fala. Rinn e norrag neo dha cadail nuair a bha e mu 15 mile amach a Ulllabul is nuair a dhuisg e bha an seol-mara air tionndadh is ga thoirt amach gu muir a rithist. Ach sgith’s gun robh e chaidh aige air sron a’ bhata a thionndadh gu tir is a toirt astaigh dhan loch.
Tha mi cinnteach gur ioma iasgair, a tir-mor is na h-eileanan, a bha anns an dearbh chas ris anuas troimh na linntean, ged nach b’ann ‘nan aonar a bhiodh iadsan a’ seoladh ach mar sgioba de thriuir neo ceathrar. Bha cuid a Barraidh, Uidhist a Deas is an t-Eilean Sgitheanach a’ feitheamh ris air a’ chidhe, rud a bha iomchaidh oir b’ann as na tri eileanan sin a bha a shinnsreachd. Agus bha Leodhasaich an lathair cuideachd, rud a bha a cheart cho iomchaidh, oir is ann an Leodhas a thog e moran dhe na sgilean mara a th’aige.
An robh mi uasal as mar a rinn e is mar a chaidh dha? Nach eil fhios gun robh ged a dh’fheumas mi aideachadh nach d’rinn mi fhein cus cadail feadh na h-oidhche le iomagain mu dheidhinn is e leis fhein am meadhon a’ Chuain Sgith.
Ach bha maor-chladaich Steornabhaigh a’ cumail fiosrachadh ruinn mun adhartas a bha e a’ deanamh is bha bata eile faisg air son cobhair a dheanamh air nam feumte. Is co-dhiubh bha e a’ seoladh ann an cuantan anns an robh a shinnsearan gle eolach.
Agus nuair a fhuair sinn cothrom greimean bidh is drama beag a ghabhail an deidh do Niall Iain tighinn air tir an Ullabul a’ bhon-raoir bha sinn a’ bruidheann air cuid dhiubh. Bha bata-carago beag aig mo sheanair, Martainn MacFhionghain, a bhiodh a’ ruith sios is suas an cost an iar roimh’n Chiad Chogadh Mor. An Orphan Girl a b’ainm dhith.
Thachair dhomh a bhith ann an Scalpaidh an 1967 a’ claradh program dhan BhBC, is dh’innis Ruairidh Coineagain - a bha aig an am a’ ruith bhataichean a Scalpaidh anull dhan Roinn Eorpa - naidheachd dhomh mu deidhinn.
“Ann an 1907,” arsa Ruairidh,” bha sinne a’ dol astaigh a Mhalaig ri feath nuair a ruith sinn amach a gual is bha an Orphan Girl a’ tighinn amach. Agus anns an dol seachad shin do sheanair anall bucaid guail dhuinn a thug astaigh dhan chidhe sinn.” Agus air sgath a’ bhucaid guail sin a thug mo sheanair dha tri fichead bliadhna na bu traithe lion Ruairidh coir glainne mhor-uisge beatha dhomh an Scalpaidh an 1967!
Thug sinn tarraing ann an Ullabul cuideachd air an oidhche mu dheireadh dhen Fhaoilleach, 1953 - an oidhche uamhasach air an tainig an Clann MacQuarrie air tir air taobh siar Leodhais, ach chaidh aig muinntir Bhuirbh air na 66 air fad dhen sgioba a shabhaladh. B’e sin an dearbh latha air an deach am Princess Victoria fodha air a slighe eadar Sron-reamhar an Alba is ceann-tuath Eirinn, is a chaidh 133 dhe na bha air bord a chall.
Ach garbh is gailbheach ‘s gun robh an side sheol an Loch Seaforth a Steornabhagh dhan Chaol an oidhche ud le Eoghainn Mhartainn, brathair mo mhathar, na sgiobair oirre, is Iain Mac-a-Ghobhainn a Leodhas na mheit. Agus cho luath ‘s a fhuair iad amach as an acairseid thuig iad nach robh coir aca a bhith air seoladh, ach cha robh doigh air tilleadh.
Nuairsin bhrist an radar is bha iad dall anns an dubh-dhorchadas ach fhios aca gun robh an Seaforth, a bha cho ard os cionn na mara, a’ dol air a fiaradh gu deas. Bha eagal air Eoghainn gur ann air ceann tuath an Eilein Sgitheanaich a thigeadh iad seach faighinn gu fasgadh eadar a’ Chomraich is Ratharsair mar bu choir.
Mar a rinn an sealbh chunnaic e boillsgeadh soillse air tir, dh’aithnich e steisean-dealain Lochan an Storr anns an eilean is bha e eolach gu leoir air a chursa dhan Chaol a sin, ged a b’ann an iar air Ratharsair a bha e seach an taobh a bu choir.
Is math gum bheil dualchas na mara beo fhathast anns na h-eileanaich. Se rud a th’ann nach bu choir a leigeil air diochuimhne.











Readers' Comments